Aonta Baile air a shoidhneadh

Caisteal Inbhir Nis Image copyright Thinkstock

Chuir riochdairean comhairle agus riaghaltais an ainmean ri cùmhnant Diluain anns a bheil fiosrachadh mu na thèid a dhèanamh le Aonta Baile Sgìre Inbhir Nis, luach £315m.

Choinnich riochdairean bho Chomhairle na Gàidhealtachd ann an Inbhir Ghòrdain airson na cuirme, far an do chuir ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Màiread NicDhàibhidh, a h-ainm ris na mion-phuingean san aonta.

Cuideachd a' cur an ainm riutha bha Rùnaire na h-Eaconamaidh, nan Obraichean agus na h-Obrach Cothromaich ann an Riaghaltas na h-Alba, Cè MacIlleDhuinn, agus Anndra Dunlop a tha na mhinistear ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Fon aonta tha ministearan Albananch air cur rompa fhèin £109m a chosg air a bhith a' leasachadh siostam na trafaig air taobh sear Inbhir Nis le ceangal rathaid ùr a thogail air an taobh sea, agus atharrachaidhean aig cearcall rathaid an Longman.

Tha iad cuideachd a' dol a chur £15m ri a bhith a' leasachadh Caisteal Inbhir Nis, a tha an-dràsta na thaigh-cùirte, airson gum bi e fosgailte do luchd-turais.

Am measg nan sgeamaichean ris a bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur airgid tha a bhith a' cosg suas ri £9m air Sgoil Slàinte agus Saidheans Beatha an UHI.