Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trump

Thuirt Sràid Downing gun tèid turas stàite a' Chinn-Suidhe Trump a Bhreatainn am-bliadhna air adhart ged a tha iomairt ann an aghaidh sin. Tha còrr is millean ainm a-niste air athchuinge ag iarraidh cur às dhan chuireadh a thug Theresa May do Mhgr Trump nuair a bha ise aig an Taigh Gheal an t-seachdain seo chaidh.

'S tha dùil gun tèid Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Boris Johnson, a cheasnachadh ann an Taigh nan Cumantan an-diugh mun bhuaidh a tha an casg-siubhail Aimeireaganach a' toirt air Breatannaich. Thàinig soilleireachadh bhon Taigh Gheal nach eil casg air Breatannaich aig a bheil dùthchas cuideachd ann an aon de na seachd dùthchannan air a bheil an casg-siubhail a' toirt buaidh. Ach dh'fhaodadh tuilleadh sgrùdaidh a bhith ro Bhreatannaich aig crìochan nan Stàitean Aonaichte ma tha iad a' siubhal dìreach à aon de na seachd dùthchannan sin.

Brexit

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' gabhail pàirt ann an tuilleadh chòmhraidhean mu Bhrexit ris a' Phrìomhaire Theresa May an-diugh. Tha iad a' coinneachadh ann an Cardiff aig Comataidh Choitcheann nam Ministearan - am fòram eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus fèin-riaghladh ann an Alba, Èirinn a Tuath agus sa Chuimrigh.

Quebec

Thuirt Prìomhaire Chanada, Justin Trudeau, gur e ceannarc an aghaidh Mhuslamach a bh' ann an ionnsaigh ghunna aig mosg ann an Quebec. Chaidh sianar a mharbhadh anns an ionnsaigh, air an ionad chultarail Ioslamach anns a' bhaile. Tha dithis an grèim.

Aonta Baile Inbhir Nis

Thèid aonta a chur an-diugh ri plana mionaideach airson airgead Aonta Baile Sgìre Inbhir Nis a chosg. Tha luach £315m san aonta uile gu lèir, 's am measg nam planaichean tha leasachadh an rathaid air taobh sear Inbhir Nis, agus ionad turasachd a dhèanamh de Chaisteal Inbhir Nis.

An A9

Chaidh duine a thogail ann an heileacoptair gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis na bu tràithe an-diugh an dèidh tubaiste air an A9 faisg air ceann-rathaid Drochaid Charra. Tha e coltach nach eil an duine ann an cunnart a bheatha. Bha an rathad dùinte airson ùine ghoirid, ach tha e fosgailte a-rithist.