Eaglais Chille Mhìcheil a' fosgladh sa Chèitean

Eaglais Chille Mhìcheil Image copyright IrenicRhonda/Geograph

Tha obair-càraidh a' dol air seann eaglais Chille Mhìcheil anns an Eilean Dubh agus thathar an dòchas gun tèid a fosgladh dhan phoball aig deireadh a' Chèitein.

Chaidh an eaglais a thogail anns na Meadhan-Aoisean agus tha Urras Chille Mhìcheil air iomadaich bliadhna a chosg a' trusadh an airgid a bha a dhìth airson am pròiseact a thoirt gu buil.

Tha 15 bliadhna bho thòisich buill den Urras a' cruinneachadh an £500,000 a bha a dhìth.

Chaidh an eaglais a thogail anns a' 15mh Linn agus bha ceanglaichean aice ri cinnidhean is sgrìobhadairean ainmeil.

Bha an eaglais ann an cuid de na sgeulachdan aig Uisdean Mac a' Mhuilleir, an clachair, eòlaiche cloiche is an sgrìobhadair ainmeil à Cromba.

Chaidh sguir a bhith cleachdadh na h-eaglaise ro dheireadh na h-18mh Linne.

Thuirt cathraiche Urras Chille Mhìcheil, an Dr. Jim MacAoidh, gu robhar air an eaglais a leasachadh dìreach mus do thuit i buileach às a chèile.

Chaidh an t-uabhas de rudan inntinneach a lorg fhad 's a bha an obair-leasachaidh a' dol air adhart - nam measg seann sgillinnean bho na 1600an a bha ann an staid cho math 's a bha iad nuair a chaidh an dèanamh.

Tha am pròiseact ag amas air fiosrachadh mun eaglais a thaisbeanadh na broinn agus cuideachd cruinneachadh de sheann chlachan a thaisbeanadh san togalach.

Ged a bheir cuid den obair nas fhaide, thathar an dòchas gun tèid aca air an eaglais fhosgladh dhan t-sluagh sa Chèitean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile