Fear a shreap na Rothaich air duais cultair nam beann a ghlèidheadh

An Dtr Hamish MacIlleDhuinn Image copyright Dave MacLeod
Image caption Gheibh an Dtr Hamish MacIlleDhuinn an duais an ath mhìos.

Chaidh ainmeachadh gur e an sreapadair agus an sgrìobhadair, An Dtr Hamish MacIlleDhuinn an deicheamh neach a gheibh an Duais Albannach son Sàr-mhathais ann an Cultar nam Beann.

'B esan a' chiad neach a shreap a h-uile beann ann an Alba os cionn 3,000 troigh air an aon turas gun stad.

Mhair an turas aige, ann an 1974, 112 là agus air an t-slighe, shreap e 289 mullach agus shiubhail e 1,639 mìle, a' coiseachd, air a bhaidhsagal agus air bòrd dà bhat'-aiseig.

Cultar nam Beann

Gheibh an Dtr MacIlleDhuinn, à Fiobha, an duais sa Ghearran.

Thèid a thoirt seachad aig Fèis nam Beann anns a' Ghearasdan.

Thuirt Mike Pescod, a tha ag obair an lùib na fèise gu bheil "Hamish na eisimpleir de chuideigin a tha eòlach air an togail cridhe agus toileachas a gheibh daoine nuair a thèid iad a-mach air beanntan na h-Alba."

"Chan ann a-mhàin gu bheil Hamish eòlach air Alba agus beanntan eile air feadh an t-saoghail, ach gu bheil e air àireamh mhòr de dhaoine eile a bhrosnachadh a dhol a-mach agus an aon sheòrsa toileachais fhaighinn."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile