Àrd-choinneimh ga h-iarraidh mu thuathanaich òga

Crodh Gàidhealach

Tha Banca Rìoghail na h-Alba (RBS) ag iarraidh àrd-choinneimh nàiseanta airson dèiligeadh ris na trioblaidean a th' aig daoine òga faighinn a-steach do thuathanachas.

Tha iad a' foillseachadh torradh rannsachaidh Dimàirt a tha ag ràdh gu bheil uiread de chnapan-starra ro dhaoine òga 's gu bheil maill ga chur air ginealach ùr de thuathanaich.

'S fhada a tha e air a bhith doirbh do dhaoine òga tuathanas fhaighinn dhaibh fhèin, 's taic fhaighinn airson a ruith.

Ach tha rannsachadh RBS ag ràdh gur ann a tha an gnothach a' fàs nas miosa.

"Feumaidh sinn daoine òga a' tighinn a-steach fad an t-siubhail," thuirt Raibeart Dòmhnallach, a tha an sàs ann an Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach air Ghàidhealtachd.

"Tha daoine òga a' dol a-mach às a' ghnìomhachas fad an t-siubhail, agus feumaidh sinn daoine òga.

"Mura tachair sin, cha thachair ach na tuathanasan mòra fàsaidh iad nas motha, agus tha sin a' dèanamh a' ghnothaich nas duilghe do bhalaich òga fhaighinn a-steach.

"Tha e uabhsach doirbh airson daoine òga a tha a' dol a-steach an-dràsta airson planaigeadh dha na bliadhnaichean a' dol air adhart.

"Airson a dhol a-steach a dh'àite sam bith feumaidh tu airgead. Airson an t-airgead a tha sin fhaighinn feumaidh tu a dhol dhan bhanca.

"Nuair a tha thu aig a' bhanca feumaidh tu plana gnothachais a chur air adhart.

"Mura h-eil fhios agad dè tha thu a' dol a bhith a' faighinn tha e uabhasach doirbh plana gnothachais a chur air adhart," thuirt e.

Dh'iarr rannsachadh a' bhanca fianais air 500 duine òg air feadh Bhreatainn, an dàrna leth an Alba, feadhainn a bha mar thà ann an obair tuathanais 's feadhainn a mhiannaicheadh a dhol ann.

Nochd sin na trioblaidean as motha: nach eil athraichean a' toirt thuathan dha am mic 's an nigheanan nuair a dh'fhaodadh iad.

Tha tuathanasan a' fàs ro mhòr 's ro dhaor, agus chan eil an t-ionmhas no an stiùir a tha a dhìth ann do dhaoine òga.

Tha Banca Rìoghail na h-Alba ag iarraidh gun stèidhich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte comataidh aig ìre chaibineit airson sùil a thoirt air a' cheist.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil an cuid fhèin aig Riaghaltas na h-Alba ri dhèanamh.

Agus dh'iarradh am Banca àrd-choinneimh nàiseanta, a' gabhail a-steach riaghaltas, an gnìomhachas agus bancairean.