Taic ga thoirt do phlanaichean an t-Òib

Sgoil an t-Òib Image copyright Google
Image caption Chan eil fios aig an ìre seo dè na chosgas an togalach.

Chaidh aontachadh aig coinneimh ann an Sgoil an t-Òib oidhche Dhiluain gum bu chòir seann togalach na sgoile a ghabhail thairis leis a' choimhearsnachd.

Bhathas airson faighinn a-mach an robh muinntir na coimhearsnachd fhathast a' cur taic ris na planaichean, 's iad am beachd gum bi leithid gym, cafaidh agus ionad-nigheadaireachd anns an togalach.

Nochd faisg air 100 duine aig a' choinneimh agus bha còrr is 60 dhiubh sin deònach cuideachadh leis an obair.

Tha còrr is bliadhna ann bho thòisich an iomairt 'son an togalach a ghabhail thairis.

Cosgais

Chan eil fios aca fhathast dè na chosgas an togalach nuair a cheannaicheas iad e bho Chomhairle nan Eilean Siar.

Thuirt Patricia NicLeòid bhon bhuidhinn-stiùiridh gum feumar tòiseachadh a-nis air airgead a chruinneachadh.

Tha iad mu thràth air còrr is £2,000 a thogail.

Tha cothrom cuideachd ga thoirt do mhuinntir an àite innse ma tha beachdan aca mu mar a ghabhas rùm mòr eile anns an togalach a chur gu feum.

Tuilleadh air an sgeulachd seo