Là mòr do dh'fhoghlam Ghàidhlig

Sgoil

Tha Bòrd na Gàidhlig a' foillseachadh Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig Diciadain.

Chuir Achd an Fhoghlam 2016 an dleastanas sin orra.

Tha an Stiùireadh a' mìneachadh mar a dh'fheumas comhairlean dèiligeadh ri iarrtas airson foghlaim Ghàidhlig, agus mar as còir foghlam Gàidhlig a bhith air a lìbhrigeadh ann an sgoiltean na h-Alba.

Tha an Stiùireadh Reachdail ga fhoillseachadh air an dearbh là a tha cumhachdan Gàidhlig Achd an Fhoghlaim 2016 gan cur an gnìomh.

Chaidh an stiùireadh ullachadh le buidhinn-obrach air an robh Brus Robasdan na chathraiche, agus riochdairean air bho ùghdarrasan ionadail, COSLA, Foghlam Alba, Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

Tha Achd an Fhoghlaim a' toirt còir do phàrantan gus foghlam tron Ghàidhlig iarraidh agus a' cur dleastanais air ùghdarrasan ionadail measadh a dhèanamh air an iarrtas.

Tha an Stiùireadh Reachdail a' mìneachadh nan rudan air am feum comhairlean coimhead nuair a bhios iad a' dèanamh a' cho-dhùnaidh.

Ged nach eil an lagh ag ràdh gum feum comhairle foghlam Gàidhlig a thoirt seachad air a' cheann thall, tha an stiùireadh a' dèanamh soilleir gur e sin miann an Riaghaltais ma tha an t-iarrtas idir reusanta.