Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Artaigil 50

Tha a h-uile dùil gum faigh an Riaghaltas taic a-nochd fhathast anns a' chiad bhòt aca air a' bhile a leigeas leotha Artaigil 50 a chur an sàs gus am pròiseas a thòiseachadh gus Breatainn a thoirt a-mach às an EU. Thèid là eile de dheasbad a chumail ron bhòt. Ach tha dùil gun tèid e troimhe - sin a dh'aindeoin 's gu bheil an SNP agus cuid de bhuill Làbarach a' seasamh na aghaidh. Thèid oidhirp a dhèanamh leis na dùbhlannaich air an ath-sheachdain atharrachaidhean a chur an sàs air a' bhile, agus tuilleadh sgrùdadh ga dhèanamh air.

Trump

Chuir an Ceann-Suidhe Trump ìmpidh air Seanadh nan Stàitean Aonaichte an taic a chur anns an aithghearrachd ris an tagraiche aigesan airson Prìomh Chùirt na dùthcha. Thagh Mgr Trump Neil Gorsuch airson na h-obrach, ag ràdh gu bheil sgilean lagha aige aig àrd-ìre a tha airidh air aithneachadh bho gach taobh de phoileataigs na dùthcha. Ach tha na Deamocrataich, aig a bheil cumhachd dàil a chur air a' phròiseas, air teagamhan a thogail mu a sheasamh air còirichean bhoireannach, agus còirichean do luchd-obrach, am measg eile.

Trèanaichean

Thàinig rabhadh bhon chompanaidh thrèanaichean Virgin gum faodadh gun tèid an treas cuid de sheirbheisean rèile eadar Dùn Èideann agus Lunnainn a bhith air an call ma thèid cur às do chìsean adhair ann an Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta airson gearradh de 50% a thoirt air cìs APD. Tha Virgin am measg chompanaidhean còmhdhail eile a tha a' toirt fianais mu choinneimh Comataidh an Ionmhais aig Holyrood an-diugh.

Loidhne Dealain

Chaidh planaichean connspaideach airson ceangail dealain eadar Ceann Tòrr ann an Siorrachd Obar Dheathain agus a' Mhanachainn a chur dhan dara taobh an dèidh ath-sgrùdaidh leis a' Ghriod Nàiseanta. Bha SSE air a bhith a' sgrùdadh diofar roghainnean agus beachd gun robh leithid de cheangal a dhìth airson cumhachd a thoirt bho thuathan-gaoithe aig muir ann an Linne Mhoireibh chun nam margaidhean. Bha luchd-iomairt air teagamhan a thogail mu cho faisg 's a bhiodh an ceangal ri làraichean leithid Raon Bhlàr Chùil Lodair. Thuirt an Griod Nàiseanta nach bu chòir leantainn leis a' phròiseact aig an ìre seo.

A' Ghearmailt

Chuir na Poilis anns a' Ghearmailt fireannach à Tunisia an grèim ann am Frankfurt nas tràithe an-diugh fo amharas gun robh e a' sireadh taic dhan bhuidhinn IS gus ionnsaigh cheannairc a dhèanamh. Chaidh a chur an grèim an dèidh grunn iomairtean faisg air sgìre Hesse ann am meadhan na Gearmailt, anns an robh còrr air 1,000 oifigear poilis an lùib. Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air mosgaichean, flataichean agus oifisean mar phàirt den rannsachadh poilis.