Leasachadh mòr bann-leathainn an Tiriodh

Tiriodh

Ged a fhuair Eilean Thiriodh bann-leathann fibre an-uiridh chan eil a h-uile taigh agus gnìomhachas a' faighinn na seirbheis fhathast.

Ach tha Buidheann Bann-leathainn Thiriodh air £90,000 de thaic-airgid fhaiginn 'son an t-seirbheis aca a leasachadh gus am faigh tuilleadh de mhuinntir an eilein buannachd às.

"Tha sin a' ciallachadh gum b' urrainn dhuinn am fibre a fhuair sinn an-uiridh a chur an sàs feadh an eilein," thuirt Rhoda Meek, a tha na ball den bhuidhinn.

"Tha sinn an-dràsta a' frithealadh 140 neach le bann-leathann 2MB, agus a' mhaoineachadh a tha seo - £80,000 bho Bhann-leathann Coimhearsnachd na h-Alba, agus £10,000 bho Tilly an crann-gaoithe againn fhèin - faodaidh sinn an uair sin pacaidean a thabhann de 10MB, 20MB agus 30MB.

"Leigidh sin do dhaoine mar mi fhèin obair bhon taigh ann an Tiriodh, agus tha sinn an dòchas gum bi e fada nas fhasa do dhaoine a bhith a' coimhead Netflix, no a bhith ag obair - an dà chuid.

"Bidh seo fosgailte mar a tha e an-dràsta do dhuine sam bith air an eilean aig a bheil comas ceangal ri Bann-leathann Thiriodh.

"Tha sinn a' cur an siognail a-mach air saidel, agus feumaidh tu taigh do nàbaidh fhaicinn mar gum b' e airson an siognail fhaighinn.

"Ma tha sin ann, agus ma tha àite air an lìonra, bidh e fosgailte do dhaoine aig a bheil taighean agus gnìomhachasan.

"Leis na pacaidean ùra, agus leis an astar suas ri 30MB a bhios againn, bidh buaidh mhòr aige sin air an eilean agus daoine air an eilean.

"Daoine mar mi fhèin a tha ag obair bhon taigh, agus gnìomhachasan aig a bheil feum air bann-leathann làidir.

"Bidh sinn a' tòiseachadh ris an t-siostam a leasachadh anns a' Mhàrt, agus tha sinn an dòchas gun toir e 's dòcha ceithir mìosan," thuirt i.