Coinneamh mu HIE

Coinnichidh ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd ri Rùnaire na h-Eaconamaidh agus nan Cosnaidhean, Cèith MacIlleDhuinn, ann an Dùn Èideann feasgar airson bruidhinn mu na tha an dàn do dh'Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Air a' mhìos a chaidh seachad chaill an Riaghaltas bhòt sa Phàrlamaid agus iad airson cur às do bhòrd-stiùiridh na buidhne.

Tha an Comh. Mairead NicDhàibhidh airson dèanamh cinnteach nach tachair sin agus gum bi bòrd-stiùiridh ann an da-rìribh agus stèidichte air Ghàidhealtachd.