Cabhag air cur às do chìs adhair

Plèana

Chuir a' chompanaidh adhair Loganair ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba cur às do chìs an luchd-siubhail adhair (APD) air slighean chun na Gàidhealtachd 's nan Eilean cho luath 's a ghabhas.

Gheibh Pàrlamaid na h-Alba cumhachd air a' chìs sa Ghiblean an ath-bhliadhna.

Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta airson an APD a ghearradh 50%.

A' bruidhinn ri Comataidh an Ionmhais aig Holyrood, thuirt àrd-stiùiriche Loganair, Jonathan Hinkles: "Tha sinn den bheachd gu bheil adhhbar làidir ann am faochadh a tha an-dràsta air slighean bhon Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan bhon chìs seo a leudachadh gu slighean à Dùn Èideann, Glaschu agus Obar Dheathain chun na Gàidhealtachd 's nan Eilean."

Thuirt Mgr Hinkles gun toireadh leithid de dh'fhaochadh togail gach cuid do thurasachd agus gnìomhachas san fharsainneachd air feadh na sgìre.

Thuirt e gu bheil Riaghaltas na h-Alba mar thà a' pàigheadh earrainn den chìs air na slighean sin, leithid siubhal euslainteach an NHS, agus mar sin nach cosgadh e mòran don sporran phoblach a' chìs a thoirt far nan slighean gu tur.

Thuirt e cuideachd gum biodh barrachd luchd-siubhail a' cleachdadh phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean ri linn, agus mar sin gun lùghdaicheadh sin na dh'fheumas na puirt-adhair sin fhaighinn de thaic-airgid riaghaltais.

"Tha sinn den bheachd gum bu chòir prìomhachas a thoirt don atharrachadh seo anns na ciad cheumannan a ghabhas Riaghaltas na h-Alba fon chumhachd ùr," thuirt e.

"Bheir a bhith a' cur às don APD air slighean chun nan Eilean, fada mus tachair sin air a h-uile seirbheis an Alba, buannachd mhòr do theaghlaichean, do thurasachd agus gnothachasan."

Cuideachd a' bruidhinn aig a' Chomataidh Diciadain, bha cuid a bha ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gun cur às don chìs.

Thàinig rabhadh bhon chompanaidh thrèanaichean Virgin gum faodadh gun tèid an treas cuid de sheirbheisean rèile eadar Dùn Èideann agus Lunnainn a bhith air an call ma thachras sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo