Taghadh Ball-coise nan Geamannan Eileanach

Bhuannaich Guernsey farpais bhall-coise nam fear aig Geamannan Jersey ann an 2015.
Image caption Bhuannaich Guernsey farpais bhall-coise nam fear aig Geamannan Jersey ann an 2015.

Chaidh an taghadh a dhèanamh airson nam farpaisean ball-coise aig Geamannan Eileanach na bliadhna seo, a thèid a chumail ann an Gotland anns an Òg-mhìos.

Fhuair sgiobannan nan Eilean Siar taghaidhean gu math doirbh.

Chaidh na fireannaich a thaghadh anns an aon bhuidheann ri Eilean Gotland agus tha na boireannaich anns an aon bhuidheann ri Aland a bh' anns an dàrna àite ann an 2015 agus Eilean Mhanainn, a bh' anns a' cheathramh àite anns an fharpais air a' bhliadhna sin.

Tha na geamannan gan cumail a h-uile dà bhliadhna.

Boireannaich

A Gotland Hitra Menorca Graonlann

B Aland Na h-Eileanan Siar Eilean Mhanainn Ynys Mon

C Jersey Isle of Wight Gibraltar

Fireannaich

A Menorca Arcaibh Alderney Jersey

B Gotland Froya Graonlann Na h-Eileanan Siar

C Guernsey Aland Saaremaa Sealtainn

D Eilean Mhanainn Hitra Ynys Mon Falkland Islands