Dòchas an Aoineart mu phlanaichean EE

Tha dòchas am measg choimhearsnachd Aoineirt san Eilean Sgitheanach gun tèid aig a' chompanaidh fònaichean-laimhe EE crann a chur suas ann an àite a tha freagarrach dhan a h-uile duine.

Nochd draghan anns an sgìre mu dheidhinn phlanaichean a bh' aig EE gus crann a chur an-àirde agus beachd ann gum biodh e ro fhaisg air an rathad agus air taighean, agus gum milleadh e coltas an àite.

Tha misneachd a-nise am measg mhuinntir Aoineirt gun tèid a chur ann an àite nas fhreagarraiche às deidh dhaibh coinneachadh le riochdairean bhon chompanaidh.

Thuirt tè de mhuinntir an àite, Calina NicDhòmhnaill, air Aithris na Maidne, gun robh i a' faireachdainn gun tug EE feart dha na beachdan aca.

Bha i ag ràdh: "Thuirt iad gun tarraing iad air ais an dealbh airson a' chruinn agus tha sinn a' cur ar beachdan gan ionnsaigh air càite a tha sinne a' smaoineachadh a bu chòir an crann a chur."

Thuirt i gun tèid innleadairean a chur dhan sgìre an uair sin airson dearbhadh dè an t-àite as fhreagarraiche.