Parabadminton gu bhith ann an Geamannan Tokyo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tha Ailean Oliver ag amas air Paralimpigs Tokyo

1 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Ailean Oliver air a' bhith a' cluich Parabadminton 10 bliadhna, agus bha e roimhe aig àireamh a h-aon air clàr na cruinne. Cha robh e an dùil gum faigheadh e cothrom aig na Paralimpigs ge-tà, is an IPC air an spòrs fhàgail a-mach a' Geamannan Lunnainn agus Rio. Tha an cothrom aige a-nis ge-tà, agus mar a fhuair Ailean MacLeòid a-mach, tha e gu bhith ag obair gu math cruaidh airson 4 bliadhna feuch àite fhaighinn air an itealan gu Tokyo.