Atharrachadh poileasaidh còmhdhail

Bus sgoile
Image caption Thuirt cathraiche comataidh Gàidhlig na comhairle gu bheil seo a' toirt spèis dhan Ghàidhlig.

Thig atharrachadh air poileasaidh còmhdhail sgoile Comhairle na Gàidhealtachd airson sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

B'àbhaist gum biodh bus-sgoile ri fhaotainn do sgoilearan far an robhas a' meas gun robh 'astar reusanta' eadar an dachaigh agus an sgoil.

A-nis ge-tà, bidh na busaichean stèidhichte air sgìrean sgoile, direach mar a tha do sgoilearan ann am foghlam Beurla.

Tha dragh air cuid gum fàg seo clann bheag a' siubhal air busaichean na h-àrd sgoile.

An aon spèis

Chaidh cathraiche comataidh Gàidhlig na Comhairle, Hamish Friseal, às àicheadh gu bheil am poileasaidh a' dèanamh dìmeas air foghlam Gàidhlig.

"Tha sinn air a dhèanamh gu math soilleir gu bheil sinn ag iarraidh an aon spèis dhan Ghàidhlig 's a tha Beurla a' faighinn," thuirt e.

"Thàinig sin a-staigh an-diugh anns a' phàipear seo, gu bheil an aon spèis ann agus gu bheil na h-aon dòighean obrach ann a bhith a' giùlain teaghlaich òig gu sgoil Ghàidhlig."