Leasachadh do chalaidhean Thiriodh

Cidhe Bagh Ghot
Image caption Tha Bagh Ghot a-measg nan calaidhean a thathas an dòchas a leasachadh

Tha planaichean aig Urras Thiriodh gus trì calaidhean san eilean a cheannach agus a leasachadh airson maith na coimhearsnachd.

'S ann air trì de na calaidhean as cudromaiche do mhuinntir an eilein a tha iad ag amas. Bagh Ghot far a bheil am bàt-aiseig a' tighinn a-steach, Milton far a bheil sia bàtaichean-iasgaich stèidhichte agus Sgàirinis, ann am prìomh bhaile an eilein.

An-dràsta, tha na cidheachan aig gach cala feumach air tòrr obair-càraidh agus iad ann am fìor-dhroch staid.

Às dèidh grunn bhliadhnaichean a' rannsachadh staid nan calaidhean air an eilean, tha Urras Thiriodh a-nis aig ìre far a bheil iad deiseil obair-leasachaidh a ghabhail os làimh.

"Tha na calaidhean air a bhith nam prìomhachas dhuinn o thòisich an t-urras," thuirt Uilleam MacIllEathain bho Urras Thiriodh.

"Do choimhearsnachd air eilean beag, tha e uabhasach cudromach gum bi deagh cheangalan ann ris a' mhuir bho shealladh iasgaich, cur-seachad agus eile."

'S ann aig cala Milton a tha a' chuid as motha de na bàtaichean-iasgaich ann an Tiriodh stèidhichte, agus 's ann dha a tha Urras Thiriodh a' toirt prìomhachais an-dràsta.

Am measg na h-obrach a thathas an dòchas a dhèanamh, tha a bhith a' cur àite-ceangail ùr a-steach gus nach fheum dà bhàta a bhith san aon fhear, agus a bhith ag àrdachadh a' chidhe.

Tha Coinneach MacFhionghain na iasgair, agus tha esan ag aontachadh gu bheil Cala Milton feumach air obair.

"Ma bhios stoirm mhòr is tìde-mhara mhòr ann, thèid an t-uisge thairis mullach a' chidhe agus chan eil sin gasta airson nam bàtaichean. Bha trì bàtaichean air am briseadh dhà no trì bliadhnaichean air ais so feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh mun sin," thuirt e.

Obair a dhìth cuideachd aig Bàgh Ghot

Tha Urras Thiriodh cuidheachd gu bhith a' bruidhinn ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus CMAL mu bhith a' dèanamh obair-leasachaidh aig Bàgh Ghot far am bi am bàt-aiseig a' laighe.

'S ann le CMAL a tha an cidhe agus 's e Cal Mac a tha clàraichte mar ùghdarras chala. Bidh pàirt den chidhe ga chleachdadh airson a' bhàt-aiseig, ach tha pàirt eile den chidhe a bhiodh freagarrach airson àiteachan laighe do iachtaichean agus bàtaichean cur-seachad eile.

"Tha sinn an dòchas bho às t-Samhradh gum bi sinn deiseil le àiteachan laighe... ach feumaidh sinn suidhe sìos le CMAL agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn 'son chòmhraidhean susbainteach mu dè tha a' dol a thachairt san ùine air thoiseach," thuirt Mgr MacIllEathain.

'S e cala Sgàirinis an treas cala air a bheil Urras Thiriodh ag amas agus Oighreachdan Earra-Ghàidheal air pàirt den chala a dhùnadh.

Tha an cala ann am fìor-dhroch staid agus tha an t-Urras a' coimhead ri dè ghabhas a dhèanamh leis às dèidh dhaibh gearainnean fhaighinn bhon choimhearsnachd mu dheidhinn.

"Feumaidh rudeigin tachairt leis," thuirt Coinneach MacFhionghain. "Tha e ann am meadhan baile Sgàirinis agus sin a' chiad rud a tha daoine a' faicinn a' tighinn far an aiseig."