Dàil ann am pròiseas thairgsean aiseig

MV Coir' Uisg'

Tha Riaghaltas na h-Alba air dàil a chur air a' phròiseas thairgsean airson aiseagan eadar Guraig agus Dùn Omhain agus seirbheisean nan Eileanan a tuath airson sgrùdadh.

Thuirt Ministear na Còmhdhail 's nan Eilean Humza Yousaf BPA gun deadh dàil naoi mìosan a chur air a' phròiseas, às dèidh stiùiridh ùir bhon Choimisean Eòrpach.

Tha an Coimisean Eòrpach air innse nach fheum cùmhnantan airson seirbheisean aiseig a dhol a-mach gu tairgse tuilleadh.

Nuair a dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach cha bhi ìmpidh nas motha a bhith a' leantainn riaghailtean farpais Eòrpach.

Thuirt Mgr Yousaf: "Feumaidh sinn làn-sgrùdadh a dhèanamh air buaidh nan atharrachaidhean mus tèid co-dhùnadh sam bith a ruigsinn."

Chuir am Pàrtaidh Làbarach aig Holyrood fàilte air an naidheachd, ag ràdh gun robh iarrtasan gun cùmhnantan a chur a-mach gu tairgse a' sìor èirigh.

Ach, bha na Tòraidhean iomagaineach gum faodadh seo companaidhean aiseag coimearsalta a phùtadh a-mach às a' ghnìomhachas uile gu lèir.

Sa Chèitean 2016, ghlèidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn cùmhnant £900m 'son a bhith a' toirt seachad sheirbheisean aiseig air Chluaidh agus sna h-Eileanan an Iar.

Thuirt Ministear na Còmhdhail Diardaoin gun robh an cùmhnant sin a' leantainn riaghailtean taic stàite agus chùmhnantan.