Rannsachadh ùr air bàs Chaoimhin MhicLeòid

Caoimhin MacLeòid Image copyright An Teaghlach MhicLeòid

Tha sgioba shònraichte phoileas a' coimhead às ùr ri bàs fireannaich air a' Ghàidhealtachd o chionn 20 bliadhna.

Chaidh corp Chaoimhin MhicLeòid, a bha 24, a lorg ann an cala Inbhir Ùige sa Ghearran 1997.

Chaidh gabhail ris gur e tubaist a dh'èirich dha, ach tha a theaghlach den bheachd gun deach a mhurt.

Chaidh càineadh a dhèanamh air Poilis a' Chinn a Tuath, mar a bh' air an fheachd air Ghàidhealtachd aig an àm, ri linn mar a làimhsich iad gearainnean bho theaghlach Mhgr MhicLeòid.

Thuirt Poileas Alba gu bheileas a' measadh fiosrachaidh co-cheangailte ris a' chùis.

Thuirt labhraiche nam Poileas: "Tha oifigich bho sgioba eucorra shònraichte an-dràsta a' measadh an fhiosrachaidh co-cheangailte ri bàs Chaoimhin MhicLeòid.

"Tha sinn ann an conaltradh leantainneach leis an teaghlach MhicLeòid, agus cha bhiodh e iomchaidh dhuinn càil a bharrachd a ràdh aig an àm a tha seo."

Tha an gluasad as ùire a' tighinn an dèidh chòmhraidhean eadar an teaghlach MhicLeòid agus àrd-chonstabal Phoileas Alba, Phil Gormley.

Tha an teaghlach riamh air a bhith a' càineadh mar nach do rannsaich na Poilis bàs Chaoimhin mar mhurt.

Ann an 2007, thuirt Coimiseanair Ghearainnean nam Poileas airson Alba gun robh Poilis a' Chinn a Tuath air "ladarnas daingeann" a thaisbeanadh san dòigh a làimhsich iad gearainnean bho phàrantan Mhgr MhicLeòid.

Dh'òrdaich an Coimiseanair air àrd-chonstabal Phoileas a' Chinn a Tuath aig an àm, Ian Latimer, leisgeul a thabhann gu pearsanta air an teaghlach, rud a rinn e.