Seusan ùr na h-iomain a' tòiseachadh le Ceann a' Ghiùthsaich air falbh aig GMA

Camanachd an Obain an aghaidh Comann Camanachd Chille Mhaille Image copyright Neil G Paterson
Image caption Camanachd an Obain an aghaidh Comann Camanachd Chille Mhaille

Tha sgioba chamanachd Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal gu bhith cur fàilte air Ceann a' Ghiùthsaich air a' chiad latha den t-seusan ùr. Tha na geamannan lìog a' tòiseachadh air a' cheathramh latha den Mhàirt, le dùil aig an ìre-sa gum bi a' Phrìomh Lìog a' tighinn gu ceann ro dheireadh na Sultaine.

Tha GMA a' tilleadh chun a' Phrìomh roinn airson an t-seusain ùir, an-dèidh dhaibh crìochnachadh san dàrna àite san lìog nàiseanta. 'S iad Comann Camanachd Chille Mhaille a bhuannaich an lìog nàiseanta air an t-seusan a chaidh, agus tha iadsan gu bhith tòiseachadh le geàm anns a' Chaol an aghaidh sgoba Ghleann Urchadain.

Tha turas duilich gu bhith aig sgioba Lòbhat air a' chiad seachdain, 's iadsan a' falbh a chluich sgioba Bail' Ùr an t-Sleibh, a bhuannaich an lìog an seusan a chaidh. Bhuannaich a Bhail' Ùr cuideachd Cupa na Camanachd 2016, le sin, tha dùil gum bi iad a cheart cho làidir am bliadhna.

'S iad sgiobaidhean an Eilean Sgitheanach agus an Gearasdan a chaidh sìos on Phrìomh Lìog aig deireadh an-seusan a chaidh, agus bidh iad le chèile an dòchas tòiseachadh gu math san roinn Nàiseanta; An Gearasdan air falbh aig Camanachd an Òbain, le sgioba Inbhir Nis a' siubhal dhan Eilean.

4mh Am Màrt 2017 Prìomh Lìog
Glaschu Meadhain Earra-ghàidheal v Ceann a' Ghiùthsaich
Cille Mhaille v Gleann Urchadain
Ceann Loch Seile v Camanachd an Òbain
Loch Abar v Caolas Bhòid
Bail' Ùr an t-Slèibh v Lòbhat
4mh Am Màrt 2017 Lìog Nàiseanta
Inbhir Aora v Eilean Bòid
Comann Ceiltich an Obain v An Gearastan
Srath Ghlais v Cabar Fèidh
An Eilean Sgitheanach v Inbhir Nis
Chan eil geama aig A' Mhanachain