Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Bidh an Riaghaltas a' foillseachadh Pàipear Geal le am plana airson Brexit an-diugh an dèidh cead Thaigh nan Cumantan a-raoir a dhol air adhart leis a' phròiseas fo am fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Chaidh mòr-chuid de 384 leis a' bhile ged a bhòt an SNP, na Lib Deamaich agus 47 ball Làbarach na aghaidh.

Buidseat

Tha bhòt ann am Pàrlamaid Holyrood feasgar air planachan buidseat Riaghaltas na h-Alba. Leis gu bheil beag-chuid aig an Riaghaltas SNP tha Ministear an Ionmhais, Derek MacAoidh, air a bhith a' feuchainn ri taic fhaighinn bho na pàrtaidhean eile. Tha coltas ann gun deach aige air a phlanaichean airson chìsean agus chosgaisean a ghlèidheadh le taic bhon Phàrtaidh Uaine.

Obar Dheathain

Thuirt Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain gum feum iad £24m de ghearraidhean a dhèanamh agus gum faodadh feadhainn an cosnadh a chall. Tha an t-ùghdarras a' cur 2.5% air a' chìs chomhairle mu choinneimh sin. Thèid am buidseat a dheasbad an ath-sheachdain agus tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad an dòchas nach caill duine an obair an aghaidh an toil.

Heathrow

Thòisich co-chomhairle fad ceithir mìosan an-diugh air an treas raon-laighe aig Heathrow. Tha an Riaghaltas ag innse dè na riaghailtean dealbhachaidh agus cùmhnantan ris am feum am port-adhair gabhail. Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Chris Grayling, gum bi leudachadh math do ghnìomhachas agus dhan àrainneachd le teicneòlas ùr, thuirt e, a' cur às do mhòran den truailleadh.

Shell

Thuit prothaid na companaidh ola Shell mu 8% an-uiridh gu £2.7bn. Thuirt Àrd-Oifigeach Shell, Ben van Beurden, gur e prìs ìseal na h-ola agus cosgais ag atharrachadh cruth na companaidh as motha a thug buaidh orra. Dh'innis Shell an t-seachdain seo chaidh gu bheil iad a' reic luach faisg air £3bn den stòras anns a' Chuan a Tuath.

Cìs Adhair

Thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gun cuir iad an uile-thaic ri Loganair anns an oidhirp cur às do chìs APD air seirbheisean adhair dha na h-eileanan. Dh'innis Àrd-Stiùiriche Loganair, Jonathan Hinkles, do chomataidh rannsachaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba an-dè gun dèanadh cur às dhan chìs feum mòr do thurasachd agus do ghnìomhachas eile.