Ochdnar fo chasaidean buill-choise

Chaidh casaidean a chur an aghaidh ochdnar fhireannach gun robh iad an sàs ann am buaireadh nuair a chluich Elgin City an aghaidh Caley Thistle Inbhir Nis air a' mhìos a chaidh.

Dh'innis Poileas Alba gun deach ochdnar fhireannach a chur fo chasaid co-cheangailte ri buaireadh a ghabh àite là a' gheama.

Tha ceathrar fhireannach, a tha 20, 19, 18 agus 16, fo chasaid co-cheangailte ri buaireadh a thachair às dèidh a' gheama, a chaidh a chumail air an 21mh den Fhaoilleach.

Tha triùir a tha 16 agus fireannach 22 fo chasaid fo Achd Droch-Ghiùlain a' Bhuill-Choise co-cheangailte ri rudan a thachair sa phàirce tron gheama aig Borough Briggs.

Nochdaidh an ochdnar ann an Cùirt an t-Siorraim an Eiliginn aig àm eile.