Sgioba ath-thuinneachaidh ag iarraidh taic

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha an sgioba a' sireadh dhaoine earbsach, càirdeil le sàr-sgilean Beurla.

Tha sgioba ath-thuinneachaidh nan Eilean Siar a' lorg barrachd luchd-obrach saor-thoileach airson teaghlaichean cèine a tha air gluasad dha na h-eileanan a chuideachadh.

Feumar daoine a bheir taic agus stiùireadh do theaghlaichean, cuid a th' air gluasad à dùthchannan leithid Siria, le obair làitheil leithid mar a chleachdas iad còmhdhail phoblach, a' dol dhan gym, ceannach stuthan bìdhe agus rudan eile leithid a bhith a' gabhail pàirt ann an clubaichean òigridh no a' dol chun an dotair no an fhiaclair.

Thuirt ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gu bheilear a' sireadh dhaoine a tha earbsach, càirdeil, le sàr-sgilean Beurla.

Tha an sgioba ag iarraidh dhaoine a bhiodh comasach dà uair de thìde san t-seachdain a chur seachad air an obair agus tha iad gu h-àraid ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith le comas Arabais a bhruidhinn.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn na Comhairle.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile