Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Paris

Tha feachd poilis na Frainge a tha a' strì ri ceannairc a' rannsachadh tachartais aig Taigh-tasgaidh an Louvre ann am Paris. Loisg saighdear Frangach le gunna air fear aig an robh machete agus dà bhaga air a dhruim a dh'fheuch ri faighinn a-staigh dhan taigh-thasgaidh. Chaidh an duine sin a dhroch leòn. Tha aithrisean ann gun do chleachd an duine na briathran Arabach 'Allahu Akbar', a' ciallachadh 'God is great'. Agus tha ministearachd na Frainge dìreach air a bhith ag ràdh gun deach an dàrna duine a chur an grèim co-cheangailte ris an tachartas a bha sin.

Malta

Dh'iarr Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, aonachd anns an Roinn Eòrpa ro àrd-choinneimh an EU ann am Malta. Thuirt a' Bh-Ph. Merkel gum feum an t-Aonadh beachdachadh às ùr air a chàirdeas ris na Stàitean Aonaichte. Agus bheir Prìomhaire na Rìoghachd Aonaichte, Theresa May, fiosrachadh dha na ceannardan eile mun choinneimh a bh' aice leis a' Cheann-Suidhe Trump bho chionn ghoirid agus mun phlana airson Brexit.

Dòmhnall Trump

Thuirt ceannardan trì de na prìomh phàrtaidhean ann am Pàrlamaid na h-Eòrpa gum bu chòir dhan Aonadh Eòrpach an duine a tha an dùil a bhios an Ceann-Suidhe Trump a' taghadh mar thosgaire nan Stàitean Aonaichte dhan EU a dhiùltadh. Tha na ceannardan sin a' fàgail air Ted Malloch gu bheil e gu poblach ag iarraidh an t-Aonadh Eòrpach a bhristeadh às a chèile.

Comhairlean

Tha ùghdarrasan ionadail a' tomhas dè seòrsa buaidh a bheir tuilleadh airgid bho Riaghaltas na h-Alba air na buidseatan aca. Gheibh comhairlean air feadh Alba £160m a bharrachd air na bha dùil ach tha a' mhòr-chuid dhiubh ag ràdh gu bheil e ro thràth innse dè an t-atharrachadh a bheir sin air planaichean an ionmhais aca. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' coinneachadh an-diugh a dheasbad an gabh gearraidhean sam bith seachnadh leis an airgead ùr. Tha dùil gum faigh a' Chomhairle £6m a bharrachd airson seirbheisean agus mu £2m eile airson phròiseactan calpa.

Aiseagan

Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Humza Yousaf, gum biodh an Riaghaltas airson seirbheisean aiseig a chumail anns an roinn phoblaich ma 's e agus gun ceadaich riaghailtean Eòrpach dhaibh. Thuirt Mgr Yousaf gu bheil stiùireadh ùr bhon Choimisean Eòrpach a' leigeil fhaicinn gum faodar riaghailtean ùra a chleachdadh airson pròiseas tairgse a sheachnadh. Tha Coimisean na h-Eòrpa a' dèanamh ath-sgrùdaidh air a' chùis an-dràsta air na riaghailtean sin.