Dragh mu eaconamaidh Bharraigh

MV Clansman

Thuirt fear de chomhairlichean Bharraigh gu bheil troimhe-chèile air na h-aiseagan a' marbhadh eaconamaidh an eilein.

Tha Dòmhnall Manford air sgrìobhadh mun chùis gu Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf.

Thug an aimsir buaidh mhòr air an t-seirbheis eadar Barraigh is an t-Òban an t-seachdain seo chaidh, is Caledonian Mac a' Bhriuthainn air sreath de sheòlaidhean a chur dheth.

Thuirt an Comh. Manford nach eil dùil aca idir gum bi bàtaichean a' seòladh ann am fìor-dhroch-aimsir.

Ceist

Thuirt e, ge-tà, nach e sin an suidheachadh a bh' ann an t-seachdain seo chaidh.

Tha e a' cumail a-mach gun tug an gnothach call air gnìomhachasan ann am Barraigh, call a dh'fhaodadh a bhith air a sheachnadh na bheachd.

"Bhathar a' faireachdainn Diciadain agus feasgar Dihaoine nach deach cothroman a ghabhail", thuirt an Comh. Manford.

"Sin an dragh as motha a th' air gnìomhachasan, gu h-àraid gnìomhachasan a tha a' call is a' call gu domhain.

"Air feadh an là Diciadain suas chun an fheasgair, bha na h-eathraichean a-muigh ag iasgach, eathraichean cairteal den mheudachd a th' anns na h-eathraichean a tha a' tighinn tarsainn a' chuain.

"S e a' cheist a tha a' tighinn bho na daoine sa choimhearsnachd - agus bhuamsa - 's e ciamar as urrainn dha na h-eathraichean sin a dhol a-mach a dh'iasgach agus chan urrainn do bhàtaichean ceithir is còig tursan nas motha na iad tighinn tron aon uisge.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e ciallach is reusanta a' cheist sin a chur", thuirt e.

Dh'innis Mgr Manford nach d' fhuair e freagairt bho ChalMac nuair a chuir e fios orra, is gur e sin a tha a' fàgail gu bheil e a-nise air sgrìobhadh gu Humza Yousaf.

Cunnart

Thuirt CalMac nach cuir iad a-chaoidh luchd-siubhail, criutha is bàtaichean ann an cunnart ann am fìor-dhroch-shìde.

Thuirt iad gun tug gèiltean is suailean suas ri 5m buaidh air an t-seirbheis eadar an t-Òban is Barraigh, ach gun deach aca air seirbheis a thoirt seachad Diluain, Dimàirt is Diciadain.

Thuirt iad gun do chuir iad cuideachd bàta nas motha a bharrachd air dòigh Disathairne leis gun deach seòladh Dihaoine a chur dheth.

Dh'innis iad gu bheil iad den bheachd gu bheil seo a' sealltainn cho fìor-chudromach 's a tha e dhaibh seirbheisean riatanach a thoirt seachad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile