"Freagairt mhath" bho ICT

Greg Tansey is Billy MacAoidh, an dithis a bh' air an targaid do dh'Inbhir Nis Disathairne. Image copyright SNS

Thuirt coidse Chaley Thistle Inbhir Nis, Scott Kellacher, gun do dh'obraich an sgolladh a thug Richie Foran air na cluicheadairean aige an t-seachdain seo chaidh, is an sgioba air puing a thoirt bho Dhùn Dè Disathairne.

Chaidh Foran an sàs gu làidir às dèidh do Chaley call 3-0 ri Hamaltan, geama a dh'fhàg iad ann an suidheachadh rudeigin dubhach aig bonn na Prìomh Lìge.

Dh'fhàg an t-Èireannch air cuid de na cluicheadairean às dèidh làimhe gun robh iad a' falach is gun robh an t-eagal orra.

Cha robh coltas ann gun robh na beachdan aige air diofar a dhèanamh is ICT air deireadh 2-0 aig lethach ùine an aghaidh Dhùn Dè ann an Inbhir Nis Disathairne.

Thog iad orra san dàrna leth is tadhail bho Bhilly MacAoidh is Greg Tansey a' fàgail a' gheama aig 2-2 aig làn-ùine.

Tha sin air na h-uimhir de dhòchas a thoirt dhan chluba is dha luchd-leantainn gum faod iad fhathast an seusan aca a thionndadh.

"Tha fios aig na balaich fhèin", arsa Scott Kellacher.

Cruaidh

"Bha Richie cruaidh orra nuair a bha e na chluicheadair is tha fios aige dè as urrainn dhaibh a dhèanamh.

"Tha dùil aige ri barrachd bhuapa agus tha mi a' smaointinn gun d' fhuair sinn sin Disathairne.

"Cha d' fhuair sinn idir e aig Hamaltan, mar sin bha sinn toilichte freagairt fhaighinn", thuirt e.

Gheibh Inbhir Nis fois bhon lìog a-nise is iad a' siubhail a Phàirce Celtic Disathairne ann an Cupa na h-Alba, dùbhlan cho mòr 's a dh'fhaodadh a bhith aca.

Chan ann nas fhasa a bhios cùisean san lìog às dèidh sin is Hearts, Rangers is Celtic a-rithist gu bhith aig Inbhir Nis.

Obair mhòr fhathast ri dèanamh ma tha iad gus streap air falbh bhon bhonn.

Misneachd

Faodaidh ITC na h-uimhir de mhisneachd a thoirt às na rinn na nàbaidhean aca aig Ibrox Disathairne.

Bha Ross County air thoiseach cuibhreann math den gheama tro Alex Schalk mus do chuir Lee Wallace tadhal gus puing a shàbhaladh do Rangers.

Bha cothroman eile aig County ach bha am manaidsear, Jim Mac an t-Saoir, riaraichte le puing.

"Bha sinne cunnartach aig an aghaidh agus math aig a' chùl nuair a bha feum air sin", thuirt Mac an t-Saoir.

"Feumaidh am measgachadh sin a bhith ann, is bha e nam bheachd", thuirt e.

Tha County san t-seachdamh àite san lìog is sùil aca air leum os cionn Thobar na Màthair dhan phrìomh shia.

Tha geama mòr san amharc aca a-nise ann am farpais eile is Obar Dheathain a' tighinn a dh'Inbhir Pheofharain Disathairne ann an Cupa na h-Alba.