Dràibhear motor-baidhsagail aig 149 m.s.u.

Baic Image copyright Thinkstock

Chaidh binn prìosan ceithir mìosan air fear a ràinig astar 149 m.s.u. air motor-baidhsagail air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt Barry Gray, às an Aghaidh Mhòir, nach robh fios aige gun robh e a' siubhail cho luath.

Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis gum faca na Poilis motor-baidhsagail a' siubhail air leth luath air an A95 eadar An Aghaidh Mhòr is Baile nan Granndach san t-Sultain 2015.

Chuir iad gunna-astair an sàs, a chlàr gun robh am motor-baidhsagail a' dol 149 m.s.u.

Thuirt Gray, 39, gun robh e a' dèanamh deuchainn air a' mhotor-baic aige, is nach robh fios aige gun robh e a' dol cho luath.

Dh'aidich e gun robh e ciontach air casaid gun robh e a' dràibheadh gu cunnartach.

Chuala a' chùirt gum bi Gray a' rèiseadh ann am farpaisean motor-baic.

Thuirt an Sioram, Dàibhidh Mac an t-Sutharlanaich, gun robh e do-chreidsinneach gun dèanadh Gray deuchainn air rathad àbhaisteach, is leis an eòlas a th' aige, nach biodh fios aige air an astar a bha e a' dèanamh.

Thuirt an Siorram nach robh dol às aige ach binn prìosan ceithir mìosan a chur air Gray.

Chaidh casg dràibhidh còig bliadhna air cuideachd, is feumaidh e deuchainn dràibhidh nas fhaide a dhèanamh mus fhaigh e air ais air an rathad.