Dàil eile le sgoil Inbhir Ùige

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dàil eile ann le bhith a' fosgladh campas sgoile Inbhir Ùige.

Tha grunn thrioblaidean air a bhith ann leis a' phròiseact, luach £48.5m.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail nach bi e fosgailte a-nis gu as dèidh saor-làithean na Càisge.

Bha dùil gum biodh e deiseil as t-Samhradh an-uiridh.

Tha oifigearan bhon Chomhairle air a bhith a' sgrùdadh a' champais a thog Morrison Construction agus thuirt iad gu bheil leasachaidhean ri dhèanamh mus gluais sgoilearan a-steach ann.

Tha draghan ann mu na siostaman teasachaidh is gaothrachaidh, agus chan eil na goireasan spòrs deiseil airson an cleachdadh nas motha.

Tha oifigearan cuideachd draghail gum bi trioblaid ann leis na siostaman teicneòlais.

Ach, thuirt a' Chomhairle nach b' e adhbharan sàbhailteachd a thug orra dàil eile a chur air cùisean.