Cuimhneachan ùr do Strì an Fhearainn

Stafainn Image copyright Urras an Taobh Sear

Chaidh cuimhneachan ùr a mholadh do Strì an Fhearainn ann an Tròndarnais san Eilean Sgitheanach.

'S ann an Stafainn a thòisich daoine a' cur an aghaidh nan uachdaran san eilean sna 1880an.

"Tha eachdraidh air dìochuimhneachadh gur e fear à Bhaltos ann an Stafainn, Tormod Choinnich Stiùbhart, aig a bheil sliochd fhathast san eilean, a' chiad duine a dhiùlt an t-àrdachadh uabhasach air a mhàl a phàigheadh dhan uachdaran, dìreach airson cothrom beatha chruaidh a bhith aige air a' chroit bhig aige," thuirt Urras an Taobh Sear.

Tha an t-Urras a' bruidhinn ris a' chompanaidh Atlas Arts air pròiseact gus cuimhneachan ùr-nodha a thogail ann an Stafainn.

Chaidh iarraidh air luchd-ealain molaidhean a chur air adhart airson a' chuimhneachain.

Thug Alba Chruthachail maoineachadh don phròiseact airson rannsachaidh is leasachaidh.

"Thug e dhuinn cothrom a dhol air turas còmhla ri buill choimhearsnachd Stafainn, a choimhead ri mar a dh'fhaodar cuimhneachan iomchaidh a chruthachadh do strì nan croitearan," thuirt stiùiriche Atlas Arts, Emma NicNeacail.

Bha na thachair ann an Stafainn na phàirt de iomairt nas fharsainne san do chuir croitearan ann an iomadh sgìre an aghaidh màil mhòir, dìth-chòirichean fearainn, no mar a bhathas gan cur às an fhearann gus an deadh a chur fo thuathanasan mòra.