Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseatan

Tha a h-uile coltas gun gabh Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Mheadhan Lodainn ri àrdachadh anns a' chìs-chomhairle an-diugh agus iad a' stèidheachadh buidseat na h-ath-bhliadhna. Tha iad a' beachdachadh air àrdachadh de 3% air dachannan ann am Bann B agus Bann D. Thuirt buidheann-riaghlaidh Chomhairle nan Eilean Siar nach leig iad a leas an còrr ghearraidhean ùra a dhèanamh, ged a thèid iad air adhart leis na gearraidhean a dh'aontaich iad an-uiridh. Tha deich bliadhna ann bho bha àrdachadh mu dheireadh anns a' chìs-chomhairle an àite sam bith an Alba agus nì na h-ùghdarrasan ionadail eile co-dhùnadh an taobh a-staigh beagan sheachdainean.

Ofgem

Tha riaghladair a' chumhachd, Ofgem, a' cur casg air prìsean mu choinneimh ceithir millean dachaigh anns a bheil meatair airson dealain agus gas a phàigheadh ro làimhe. Thuirt Ofgem gun sàbhail sin mu £80 anns a' chumantas anns a' bhliadhna do dh'fheadhainn den luchd-cleachdaidh as fheumaiche.

John Bercow

Tha Labhraiche Thaigh nan Cumantan, John Bercow, a' faighinn a chàineadh agus feadhainn a' fàgail air gun do bhrist e traidisean neo-eisimeileachd a dhreuchd. Tha cuid de na Buill-Phàrlamaid ag ràdh gun deach Mgr Bercow ro fhada nuair a chuir e an aghaidh an Ceann-Suidhe Trump a bhith a' dèanamh òraid anns a' Phàrlamaid nuair a thig e air a thuras dhan Rìoghachd Aonaichte.

Mnathan-glùine

Tha Colaiste Rìoghail nam Mnathan-glùine ag ràdh gu bheil an t-seirbheis an Alba an cunnart tuiteam às a chèile. Thuirt a' bhuidheann gu bheil an còigeamh cuid de bhoireannaich ann an Alba, aig a bheil dùil ri leanabh, fada nas reamhra na bu chòir dhaibh, rud a tha a' dèanamh thrioblaidean 's a tha a' cur tuilleadh cuideim air an t-seirbheis. Agus tha a' Cholaitse ag ràdh gu bheil mòran de na mnathan-glùine a th' ann aig aois far a bheil iad faisg air an dreuchd fhàgail.

Dominic Jackson

Tha luchd-teasairginn a-muigh a' coimhead an-diugh a-rithist airson duine à Fothair Chàrdainn ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chaidh Dominic Jackson, a tha 35 bliadhna de dh'aois, gu muir ann an caidheag Disathairne bho Phort Saoidhe. Tha luchd-teasairginn den bheachd gur e caidheag Mhgr Jackson a fhuair iad anns a' mhuir a-raoir faisg air Inbhir Ùige.

Aonadh nan Tuathanach

Thuirt ceann-suidhe ùr Aonadh nan Tuathanach an Alba gum feum iad plana làidir airson dìon a chur air àiteachas fhad 's a tha Breatainn ag ullachadh airson falbh às an Aonadh Eòrpach. Tha Anndra McCornick, tuathanach ann an Dùn Phris, a' gabhail na dreuchd bho Ailean Bowie, a bha dà bhliadhna na cheann-suidhe. Thuirt Mgr McCornick gum bi an dreuchd cudromach mu choinneimh na buaidh a bheir Brexit air a' ghnìomhachas.