Gàidhlig air ais aig Sgoil-àraich Thiriodh

Sgoil-Àraich Thiriodh

Tha foghlam tron Ghàidhlig aig ìre fo-sgoile ann an Tiriodh a-rithist.

Ann an Ògmhios an-uiridh thàinig pròiseact pìleat aig Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid airson teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig san sgoil-àraich gu crìch.

Ach thàinig pàrantan còmhla o chionn ghoirid agus tha Gàidhlig air tòiseachadh às ùr.

"Tha diofar dhòighean teagaisg air a bhith againn thairis nam bliadhnaichean," thuirt Seonag NicIlleathainn bho Sgoil-Àraich Thiriodh.

Buidheann-obrach

"O cionn ghoirid thòisich sinn le pìleat ùr, 's bha sinn dìreach a' dèanamh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.

"Sguir am pìleat sin san Ògmhios a' bhliadhna seo chaidh.

"Ach an sin bha mòran de na pàrantan a' faireachdainn gum biodh e math ceisteachan ùr a chur a-mach a thaobh a' chànain, agus an sin thòisich sinn buidheann-obrach a stèidheachadh sa choimhearsnachd.

"Às dèidh dhuinn an ceisteachan fhaighinn air ais, thòisich sinn an dà sheisean. Sa mhadainn 's e Beurla le Gàidhlig ga brosnachadh, agus feasgar dìreach Gàidhlig.

"Tha mun cuairt air 25 sgoilear againn - 13 sa mhadainn, agus 12 feasgar.

"Feasgar 's e dìreach Gàidhlig a bhios sinn a' bruidhinn fad na h-ùine - a h-uile stòraidh, a h-uile òran dìreach ann an Gàidhlig.

Togalach

"Sa mhadainn 's e Beurla a tha sinn a' dèanamh - ach tha sinn fhathast a' cumail a' dol leis na h-òrain 's na stòraidhean is stiùireadh 's a h-uile nì ann an Gàidhlig.

"Tha sinn daonnan a' coimhead mar a tha rudan ag obrachadh. Na clasaichean a tha a' dol air adhart an-dràsta, tha iad a' dol a dh'fhantail mar a tha iad gu as t-Samhradh.

"An sin bidh na pàrantan, an luchd-obrach, 's an sgoil 's a' Chomhairle a' tighinn còmhla a-rithist airson planaichean a chur air adhart airson na h-ath-bhliadhna.

"Is a-rithist, tha sinn an dòchas gum bi na pàrantan a' gabhail pàirt," thuirt i.

'S ann an togalach taobh a-muigh Sgoil Thiriodh a tha an sgoil-àraich an-dràsta.

"Tha dùil againn an ath-bhliadhna, anns an Ògmhios, gluasad a-steach gu togalach na sgoile," thuirt Ms NicIllEathain.

"Bidh sin fada nas fheàrr, o chionn 's gum bi a' chlann bho aois 3 suas gu 18 uile còmhla ann an aon togalach.

"Ma gheibh sinn cead a dhol air adhart, bidh e fada nas fheàrr, o chionn 's gum bi na daoine beaga a-staigh an seo nas fhaisge air na clasaichean Gàidhlig, agus cothroman aca an cànan a bheartachadh."