Fear-Gairm a' Choimisein a' bagairt chùis-lagha

Cailean Ceannadach

Tha Fear-Gairm Coimisean na Croitearachd a' maoidheadh an Coimisean agus cuid de na coimiseanairean a thoirt gu lagh.

Tha Cailean Ceannadach den bheachd gun robh na thachair aig coinneimh ann am Brùra san t-Sultain 2016 an aghaidh an lagha agus tha luchd-lagha Mhgr Cheannadaich cuideachd ag ràdh gu bheil an coimisean air a chliù a mhilleadh.

Thog a' chùis ceann a-rithist aig coinneimh ann an Inbhir Nis Diciadain, agus dragh air coimiseanairean mu litrichean laghail a chaidh a sgaoileadh.

Aig a' choinneimh mu dheireadh, thuirt Mgr Ceannadach nach robh e a' maoidheadh duine a thoirt gu lagh, ach Diciadain thàinig e am follais gun deach litir chun a' Choimisein bhon luchd-lagha aige an là ron choinneimh sin.

Bha an litir ag iarraidh gun atharraicheadh an Coimisean am beachd air na thachair aig a' choinneimh ann am Brùra agus aideachadh gun robh na rinn an Coimisean, agus gu h-àraid dithis choimiseanairean fa leth, an aghaidh an lagha.

Tha ceannard a' Choimisein, Brian Barron, tuigseach mu dheidhinn na h-iomagain a th' air na coimiseanairean sin gu h-àraid mu dheidhinn na litreach.

"Tha Mgr Ceannadach air a dhèanamh soilleir gu bheil rudan ann a tha an dithis air a dhèanamh nach eil e ag aontachadh leis, agus tha iad air an ainmeachadh sa mhaoidheadh aige," thuirt e.

"Cha chreid mi gum bu chòir iomagain a bhith orra ge-tà. Faodaidh iad cumail orra ag obair leis a' bhòrd mar a tha iad air a bhith a' dèanamh, agus ma 's e agus gun tèid cùis-lagha a thogail nan aghaidh, cuiridh sinn ar làn-thaic riutha."

Chan eil ach trì seachdainnean ann mus tèid pàipearan-bhòtaidh a sgaoileadh airson taghaidhean bòrd ùr a' Choimisein.