Plana dhachannan-cùraim air fàire

Cùram

Thèid sgioba stiùiridh a chruthachadh air a' mhìos seo a threoraicheas planaichean airson siostam cùraim ùr a stèidheachadh do sheann daoine sna h-Eileanan Siar.

'S iad Comhairle nan Eilean Siar agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a bhios a' stiùireadh na h-obrach, agus iad a' coimhead ri seirbheis àrd-ìre a dhealbhachadh a bhios freagarrach dha na ginealaichean ri teachd.

Tha na planaichean a' crochadh air dà rud sònraichte - àiteachan còmhnaidh a chruthachadh dha seann daoine sna sgìrean iomallach; agus dè ghabhas a dhèanamh le dà dhachaigh-cùraim ann an Steòrnabhagh, air a bheil Dùn Èistean agus Dùn Bheireasaigh.

Eatorra tha 91 leabaidh annta, ach tha na togalaichean sean agus feumach air leasachadh.

Chan eil cinnt sam bith ann aig an ìre seo, ach thathas den bheachd gur e an dòigh as fheàrr air adhart togalach gu tur ùr a chur suas sa bhaile - rud a chosgas mu £20m.

Nuair a thèid an sgioba stiùiridh a stèidheachadh nas fhaide den mhìos, thèid eòlaichean fhastadh airson na diofar roghainnean a sgrùdadh gu mionaideach.

A thuilleadh air gu bheil na dachannan-cùraim a th' ann an-dràsta a' fàs aosta agus gu bheil feum air goireasan sna sgìrean dùthchail gus am faigh seann daoine air fuireach sna coimhearsnachdan aca fhèin, tha seo a' tighinn agus dùil gun tèid an àireamh de sheann daoine a tha a' fuireach sna h-Eileanan Siar suas gu mòr sna bliadhnaichean ri thighinn.