Subsadaidhean a dhìth airson sgeamaichean coimhearshachd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Feum air subsadaidhean sònraichte airson sgeamaichean gaoithe coimhearsnachd?

9 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Urras an Rubha is Shanndabhaig ann an Leòdhas ag iarraidh gum bi subsadaidh sònraichte ri fhaotainn bhon Riaghaltas do phròiseactan cumhachd gaoithe coimhearsneachd.

Thuirt iad gur e bhith toirt taic-airgid do sgeamaichean coimhearsnachd an aon dòigh anns an tèid adhartas a dhèanamh a thaobh tuathan gaoithe sna h-Eileanan an Iar.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar ge-tà gum feumar taic a chumail ri leasachaidhean beag agus mòr gus ceangal ris a' ghriod nàiseanta fhaighinn dha na h-Eileanan.

Tha an aithris seo aig Ruaraidh Rothach.