Obraichean gus falbh aig Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'fhoillsich buidheann riaghlaidh Comhairle na Gàidhealtachd planaichean gus cur às do chosnaidhean co-ionnan ri 120 dreuchd làn-ùine am-bliadhna gus am buidseat a chothromachadh.

Thuirt ceannardan na Comhairle gu bheil an ìre de chosnaidhean air a bheileas a' coimhead nas ìsle na bha dùil, ge-tà, leis gun d' fhuair iad suim airgid nas àirde bho Riaghltas na h-Alba.

Thuirt a' buidheann riaghlaidh gun tèid aca air mu £3.5m a thogail le cìs na comhairle a chur suas 3%.

Fàgaidh sin fhathast beàrn de cha mhòr £10.5m sa bhuidseat.

Thuirt ceannard buidseat na Comhairle, Bill Fernie, gu bheil iad air na 's urrainn dhaibh a dhèanamh gus dèanamh cinnteach nach toir na sàbhalaidhean droch-bhuaidh air coimhearsnachdan ionadail agus luchd-obrach na Comhairle.

Thèid cosnaidhean co-ionnan ri 122 dreuchd làn-ùine a ghearradh uile gu lèir am-bliadhna.

Tha feadhainn de na dreuchdan sin bàn mar thà.

Am measg eile, thèid £220,000 a ghearradh bhon bhuidseat airson na sràidean a ghlanadh.

Cha bhi na h-uimhir de dh'airgead ann nas motha 'son sgeamaichean a tha a' toirt taic do dhaoine a tha gun chosnadh obair fhaighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile