Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coimisean na Croitearachd

Dh'iarr Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, air Coimisean na Croitearachd dèiligeadh gu sgiobalta ri laigsean ann an dòighean-obrach na buidhne. Thuirt Mgr Ewing gun tug ath-sgrùdadh am follais na h-uimhir de dh'fhàiligeadh aig diofar ìrean ann an riaghladh a' Choimiseain, gu h-àraid ann an cùis nan comataidhean ionaltraidh ann an Col Uarach, Mangurstadh, agus Both Chundainn. Thuirt Mgr Ewing gun deach iarraidh air àrd-oifigeach ùr a' Choimisein, Bill Barron, plana ullachadh mu choinneimh nan trioblaidean sin.

Fògarraich

Tha luchd-iomairt a' dol dhan Àrd-Chùirt an-diugh le tagradh mun dòigh san do làimhsich an Riaghaltas fògarraich òga gun inbhich còmhla riutha à thàinig bho Thìr-Mòr na h-Eòrpa. Tha luchd-iomairt a' gearain nach do rinn an Riaghaltas gu leòr airson àite fhaighinn anns am fuiricheadh iad anns an dùthaich seo. Dh'innis an Riaghaltas an-dè gu bheil iad a' sgur den sgeama, agus iad ag ràdh nach eil i ach a' brosnachadh in-imrich mhì-laghail.

Glaschu

Chaidh triùir fhear agus dithis bhoireannach a chur an grèim ann an ceann a deas Ghlaschu ann an rannsachadh mu chùiltearachd dhaoine. Thuirt na Poilis gun d' fhuair iad triùir bhoireannach a bh' ann an suidheachadh san deach brath a ghabhail orra ann an sgìre Govanhill an-dè.

Càball a' Chuain Sgìth

Tha Comhairle nan Eilean Siar diombach à Urras an Rubha agus Shanndabhaig a thuirt gum feumar gabhail ris gur dòcha nach bi càball dealain ùr eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr, 's gum feumar plana ullachadh mu choinneimh sin. Thuirt àrd-oifigear an Urrais, Dòmhnall Iain MacSuain, gum bu chòir dhan Riaghaltas subsadaidh sònraichte CFD a thoirt do phròiseactan cumhachd gaoithe coimhearsnachd. Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gur e subsadaidh do leasachaidhean beaga is mòra an aon dòigh air càball dealain ùr fhaighinn, agus nach eil beachd Urras an Rubha is Shanndabhaig idir a' cuideachadh le sin.

Ionad Fiaclaireachd

Tha a h-uile coltas gum fosgail ionad fiaclaireachd ùr ann an Steòrnabhagh ro dheireadh an t-Samhraidh, agus ged a tha sin còrr is bliadhna gu leth air dheireadh air na bha NHS nan Eilean Siar ag amas tha dòchas ann gun giorraich e gu mòr an liosta de dhaoine a tha a' feitheamh ri clàradh aig fiaclair.

Stafainn

Tha taisbeanadh ann an Stafainn anns an Eilean Sgitheanach an-diugh air planaichean airson tuathanas èisg aig muir agus 's dòcha ionad-giollachd anns an sgìre. Tha a' chompanaidh Organic Sea Harvest ag iarraidh cèidsichean a chur aig an Leth-Allt agus Inbhir Thobhta, agus 's dòcha an dèidh sin ionad-giollachd anns am biodh tha iad ag ràdh suas ri 50 cosnadh. Tha planaichean aca cuideachd airson cèidsichean a chur aig dà làraich eile nas fhaide tuath nas fhaisge air Rubha Hùnais.