Bàs ann an Uibhist

Chaochail boireannach nuair a chaidh taigh na theine ann an Uibhist a Deas.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun taigh ann an Gearraidh nam Mònadh beagan as deidh 11:00m, agus chaidh aca air an teine a chuir às mu leth-uair a thìde às dèidh sin.

Dhearbh na polais gu robh neach air bàsachadh anns an teine.