Slèitich gus draghan aiseig a thogail

Bàt'-aiseig aig cidhe Armadail

Thuirt Fòram Còmhdhail Shlèite gun cleachd iad coinneamh le Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gus na draghan aca mun t-seirbheis aiseig eadar Malaig agus Armadal a thogail.

Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba a' dèanamh ath-sgrùdadh air seirbheisean aiseig na dùthcha, is iad a' coimhead am measg eile air na diofar bhuidhnean a tha an lùib a' ghnothaich agus a bheil an siostam a th' ann ag obair.

Mar phàirt den sgrùdadh, coinnichidh iad ri coimhearsnachdan fa-leth ann an cuid de dh'àitichean, Slèite nam measg.

Mì-thoileachas

Tha mì-thoileachas a' leantainn san sgìre mun t-seirbheis aiseig às dèidh mar a chaidh am bàt'-aiseig an MV Coir' Uisg' a thoirt far na slighe eadar Malaig is Armadal ann an 2016.

Bha an Coir' Uisg' a' dol eadar Muile is Tir-Mòr bhon uairsin, a dh' aindeoin iomairt ann an Slèite is Malaig gun tilleadh i gu tuath.

Tha an luchd-iomairt ag ràdh gun deach Coir' Uisg' a thogail a dh' aona ghnothach airson na slighe eadar Malaig is Armadal, is nach eil bàta eile ann a nì a' chùis cho math air an t-slighe.

Tha iad a' cumail a-mach gun robh seirbheis bhriste aca bho dh'fhalbh i, is gu bheil call eaconomach air tighinn orra bhon uairsin.

Cluinnidh Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba mu na draghan a tha sin.

"Tha sinne am beachd innse dhaibh an dìmeas mòr a tha CalMac air a dhèanamh air an t-slighe seo anns an dà bhliadhna a chaidh seachad nuair a thug iad air falbh am bàta a chaidh a thogail dh' aona ghnothach airson na slighe seo, agus chuir iad bàtaichean na h-àite nach robh ann an dòigh sam bith iomchaidh no freagarrach 'son na slighe ", thuirt cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Bidh còmhradh gu math làidir againn ri dhèanamh ri luchd-sgrùdaidh mu dheidhinn seo is mar a ghiùlain CalMac iad fhèin agus mar a bha iad a' cur a-mach fiosrachadh a bha air an taobh a-muigh a' coimhead coltach gun robh an t-seirbheis a' soirbheachadh, ach nuair a sheallas sinn ris na figearan, cha robh am fiosrachadh sin buileach ceart idir", thuirt e.

Mionaideach

Thuirt Mgr Moireach gu bheil e ceart is cothromach gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air CalMac mar bhuidhinn phoblaich, is gun cuireadh e fàilte air sgrùdadh nas mionaidaich bhuapa gu sònraichte air an t-seirbheis aiseig eadar Armadal is Malaig.

"S e dìreach butarrais uamhasach a th' againn an seo, is chan eil dad a choltas gu bheil an Samhradh a tha romhainn gu bhith càil nas fheàrr", thuirt e.

Bidh a' choinneamh eadar Fòram Còmhdhail Shlèite is Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ann air an 10mh den Mhàirt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile