Bò air a mharbhadh le trèan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bò air a mharbhadh le trèan

13 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha gearain anns a' Phloc mu cho dona sa tha na feansaichean ri taobh na loidhne-rèile sa sgìre agus tha iad ag iarraidh air Network Rail an càradh.

Chaidh bò a mharbhadh nuair a bhuail trèana innte aig Dùn Creige an-uiridh agus tha an croitear dham buineadh i a' gearain nach toir Network Rail airgead dìolaidh dha.

Bha luach £2500 anns a' bheathach.