Bàs ann an Uibhist

Cha do dh'ainmich na poilis fhathast am boireannach a bhàsaich nuair a chaidh taigh na theine ann an Uibhist a Deas aig deireadh na seachdain sa chaidh.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu an taigh ann an Gearraidh nam Mònadh beagan as deidh 11:00m Dihaoine agus chaidh aca air an teine a chur às mu leth-uair a thìde às dèidh sin.

Thathas a' tuisge gu robh am boireannach a' fuireach leatha fhèin san taigh.

Thuirt na poilis gu robh rannsachaidhean a' leantainn faic dè a dh'adhbhraich an teine.