Seann mhanach sa chùirt an Astràilia

Denis "Chrysostim" Alexander

Nochd fear a bha na mhanach air a' Ghàidhealtachd sa chùirt ann an Astràilia agus britheamh a' beachdachadh air am bu chòir a chur air ais a dh'Alba.

Tha Denis "Chrysostom" Alexander, a tha 80 bliadhna, am measg grunn mhanach a tha fo chasaid gun tug iad ionnsaighean eachdraidheil air balaich ann an Sgoil Abaid Cille Chumainn.

Tha Mgr Alexander, a thugar an grèim air a' mhìos a chaidh, a' dol às àicheadh nan casaidean.

Nochd e sa chùirt ann an Sydney tro cheangal-bhideo Dimairt 's co-dhunadh ga dhèanamh air am bu chòir a leigeil ma sgaoil air urras.

Dh'iarr an neach-lagh aige gun deidheadh a shaoradh, 's e ag ràdh gu robh Mgr Alexander cuagach agus a' fulang le na h-uidhir de thrioblaidean slàinte.

Ach thuirt riochdaire laghail Riaghaltas Bhreatainn nach dèanadh e cron sam bith air nan deidheadh a chumail an grèim.

Cho-dhùin am britheamh gun deidheadh Mgr Alexander a chumail sa phrìosan airson trì miosan gus an deidheadh làn èisteachd laghail a chumail air am bu chòir a thilleadh a dh'Alba.

Thuirt an neach-lagh aige gun dèanadh e strì làidir airson fuireach ann an Astràilia.

Chaill Mgr Alexander an inbhe shagairteil aige ann an 2013 nuair a nochd na casaidean na aghaidh air prògram aithriseach air a' BhBC ann an Alba.