Dà bhòt, dà bheachd

Mar a bha dùil, bhòt Westminster agus Holyrood an aghaidh a chèile air Brexit.

Bha an dà bhòt a cheart cho soilleir ri chèile.

Aig Holyrood bhòt na h-Uainich, na Lib Deamaich agus gun ach triùir Làbarach leis an SNP an aghaidh cur an gnìomh Artagail 50 - chuir an triùir Làbarach romhpa Jeremy Corbyn a leantainn gus bhòtadh leis na Tòraidhean, a chaill 34 gu 90.

Aig Westminster, bhuannaich an riaghaltas 494 gu 122.

Thuirt a' Phrìomh Chùirt gum b'fheudar don Phàrlamaid cead a thoirt don Riaghaltas mus cuireadh iad Artagail 50 an gnìomh, agus rinn iad sin, gun am bile atharrachadh air dòigh sam bith.

Càite a bheil sin gar fàgail?

Roghainn

Anns a' chiad dol a-mach, tha roghainn a' dlùthachadh air Nicola Sturgeon.

Thuirt an seann phrìomh mhinistear Ailig Salmond air an deireadh sheachdainn gu faodadh an roghainn sin a bhith air fàire taobh a-staigh beagan sheachdainean nuair a thig freagairt Riaghaltas Westminster don phàipear a dh'fhoillsich ministearan Albannach ro na Nollaig.

Mhol am pàipear sin gum faigheadh Pàrlamaid na h-Alba tuilleadh chumhachdan air leithid in-imreachd agus riaghladh gnìomhachais, a bheireadh cothrom do dh'Alba - a rèir Mhìcheil Ruiseil agus Nicola Sturgeon co-dhiù - fuireach anns a' mhargaid singilte gun an Rìoghachd Aonaichte fhàgail.

Bha e follaiseach bhon agallamh aige leis a' BhBC gun robh làn dùil aig Mgr Salmond nach gabhadh Theresa May ris.

Is beag an t-iongnadh às dèidh don t-Seansalar, Philip Hammond, agus Rùnaire na Dùthcha, Amber Rudd, teagamhan a thogail mu pholasaidh in-imreachd fa leth airson na h-Alba.

Gun tig freagairt oifigeil, is urrainn do Nicola Sturgeon cumail a-mach gu bheil adhbhar aice feitheamh.

Uallach

Ach, às dèidh beith na Prìomh Chùirte, bhòt an dà phàrlamaid agus òraid a' phrìomhaire a rinn soilleir gur e beatha taobh a-muigh na margaid singilte a tha air fàire do Bhreatainn, chan eil tòrr eile a' seasamh eadar am prìomh mhinistear agus referendum eile air an neo-eismeileachd.

Tha dùil a-nis gun tèid Artagail 50 a chur an gnìomh mu mheadhan na h-ath-mhìos, às dèidh Àrd-Choinneimh an Aonaidh Eòrpaich anns a' Bhruiseal ach air thoiseach, is dòcha, air Co-labhairt an SNP ann am Peart.

Mas fhìor na fathannan, bidh an t-uallach air Nicola Sturgeon rudeigin a ràdh.

Ach tha adharan aice feitheamh.

Anns a' chiad dol a-mach chan fhaca sinn gluasad deimhinneach anns an cunntasan-bheachd a dh'ionnsaigh neo-eisimeileachd.

(Sheall aon chunntas bho chionn goirid gun robh 49% a' cur taic rithe, ach bha fiù 's cuid dhiubh sin an aghaidh reifreann a chumail).

Feitheamh

Is e an t-adhbhar eile nach eil cabhag air Nicola Sturgeon reifreann a ghairm gu bheil faireachdainn aig Holyrood gun d'rinn an iomairt fhada air thoiseach air bhòt 2014 cron air iomairt Bu Chòir.

Mas fhìor Ailig Salmond gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air reifreann a chumail as t-fhoghar an ath-bhliadhna, b'fheàrr leatha feitheamh greis eile mus dearbh i sin.

Ach chan urrainn dhi feitheamh ro fhada - feumaidh am bile gus reifreann a chumail a dhol tro Phàrlamaid na h-Alba agus dhearbh am prìomh mhinistear gum bitheadh i a' sireadh an cumhachd bho Westminster mar a thachair an turas mu dheireadh.

Is dòcha gur e sin a nì i aig a' cho-labhairt, ag iarraidh air Theresa May an cumhachd a thoirt seachad fo Earrainn 30 de dh'Achd na h-Alba.

An uair sin, bhiodh roghainn ron phrìomhaire.

Cha deach Reifreann II a ghairm fhathast ach is coltach gu bheil an dà thaobh ag ullachadh mar-thà airson an deasbaid a tha romhpa.