Dragh mu ruith gheàrr
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh gu bheil àrdachadh air tighinn air na tha de dhaoine an sàs ann an ruith gheàrr

13 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh air nochdadh mun àrdachadh anns na tha de dhaoine an sàs ann an ruith gheàrr - rud a tha an aghaidh an lagh.

Chaidh sianar a chur an greim sa cheann a tuath agus anns na Crìochan fo amharas a bhith an-sàs ann bho chionn ghoirid.

Tha dragh air tuathanaich gum faodadh seo bhith na chomharra air an leudachadh a th' air a thighinn air eucoir dhùthchail.

Tha Iain Mac IllEathain ag aithris.