Leudachadh air seirbheisean KLM

Am plèana a' ruighinn Inbhir Nis Image copyright KLM
Image caption Thòisich an t-seirbheis eadar Inbhir Nis agus Amsterdam an uiridh

Tha a' chompanaidh adhair Dhuitseach KLM a' dol a dhùblachadh na tha de sheirbheisean a tha a' ruith eadar Inbhir Nis agus Amsterdam.

Bidh dà sheirbheis a' ruith eadar an dà bhaile gach là nuair a thòisicheas clàr-ama an t-samhraidh.

Thòisich an t-seirbheis eadar Inbhir Nis agus port-adhair Schipol ann an Amsterdam anns a' Chèitean an-uiridh, agus tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil fèill mhòr oirre.

Thèid cuideachd plèana nas motha - Embraer 90 - a ghabhas 100 duine - a chleachdadh air an t-seirbheis 's dùil ri àrdachadh anns an àireamh de luchd-siubhail.

Ceanglaichean adhair

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, gur e fìor dheagh naidheachd a th' ann dha companaidhean anns a' cheann a tuath agus cuideachd do ghnìomhachas turasachd na sgìre.

Tha e riatanach dha eaconomaidh na sgìre, thuirt i, gum bi ceanglaichean math aig a' Ghàidhealtachd ris a' chòrr dhen t-saoghal.

Tòisichidh an dàrna seirbheis air an 15mh là dhen Chèitean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile