"Bu chòir dha falbh"

Màrtainn Dorchester Image copyright CalMac
Image caption Bha dùil gum fàgadh Màrtainn Dorchester a dhreuchd aig deireadh a' Mhàirt

Cha do chuir riochdairean coimhearsnachd air a' chosta an iar fàilte mhòr sam bith air an naidheachd gu bheil Àrd-Stiùiriche ChalMac, Màrtainn Dorchester, a' fuireach na dhreuchd.

Bha Mgr Dorchester air innse san Damhair gun robh e air a dhleastanas a choileanadh aig CalMac, is gum biodh e a' fàgail na companaidh aig deireadh na Màirt.

Thàinig e mar chlach às an adhair Diluain nuair a dh'innis Mgr Dorchester gun robh e a' fuireach.

Thuirt e gu bheil e iomchaidh gum fuirich e na dhreuchd is Ministear na Còmhdail, Humza Yousaf, air iarraidh air Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba rannsachadh a thòiseachadh air seirbheisean aiseig na dùthcha.

Thuirt Mgr Dorchester gun do ràinig e an co-dhùnadh às dèidh còmhraidhean le Mgr Yousaf agus le bòrd ChalMac.

"Bha mi den bheachd gun robh mi air a h-uile sian a bha romham le CalMac a dhèanamh, ach leis an naidheachd a thàinig bho Mhgr Yousaf sa Phàrlamaid tha dùbhlan ùr ann is tha mi a' smaointinn gu bheil e iomchaidh gum fuirich mi is gun cuidich mi a' chompanaidh tro na h-atharrachaidhean a tha a' tighinn", thuirt Mgr Dorchester.

"Tha mi air bhioran mu na cothroman a tha an cois an ath-sgrùdaidh", thuirt e.

Chuir CalMac fàilte air co-dhùnadh Mhgr Dorchester, is cathraiche na companaidh, Dàibhidh McGibbon, ag ràdh gur e naidheachd mhath dha-rìribh a th' ann.

Thàinig beachd diofraichte bho chuid air a' chosta an iar.

Thuirt cathraiche Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gun robh e a' gabhail "iongantas mhòr" leis an naidheachd.

"Tha mise a' smaoineachadh, mo bheachd fhèin, gum bu chòir dha falbh. Seach gun tuirt e gun robh e a' dol a dh'fhalbh, bu chòir dha CalMac an dèidh 's a bhith an t-ullachadh sin a dhèanamh airson is gum biodh cuideigin aca deiseil airson seasamh a-steach", thuirt Iain MacAoidh.

"'S e sin mo bheachd-sa air a' chùis, b'fheàrr leam gun robh e a' falbh", thuirt e.

Cha tàinig taic a bharrachd à Slèite, far a bheil muinntir na sgìre air a bhith a' strì ri CalMac mun t-seirbheis aiseig eadar Armadal is Malaig.

Tha na Slèitich mar-thà air gealltainn "còmhradh gu math làidir" a dhèanamh le Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba mun dòigh 's a tha CalMac air an t-seirbheis a stiùireadh.

Cha robh Cathraiche Fòram Còmhdail Shlèite, Ruairidh Moireach, air a dhòigh le atharrachadh bheachd Mhgr Dorchester.

"Tha seo a' cur iongadh mòr oirnn, gu bheil an tionndadh sin air a thighinn", thuirt Mgr Moireach.

"Chan eil an t-seirbheis againn air a bhith math sam bith bho chionn bliadhna gu leth.

'S e Mgr Dorchester a bha an urra ris a' chompanaidh nuair a thachair sin agus chan eil sinn a' sùileachadh gun tachair mòran de rud mòr sam bith, ach tha sinn an dòchas gun tig piseach air cùisean, a dh'aindeoin is na thachair ron seo", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile