800 taigh ùr san amharc an Inbhir Nis

Ceangal rathad an iar

Dh'innis a' chompanaidh Tulloch Homes gu bheil iad a' cur crìoch air planaichean deich bliadhna gus 800 taigh ùr a thogail ann an Inbhir Nis.

Rachadh na taighean a thogail an cois an rathaid ùir a thathas a' togail an iar air a' bhaile.

Nì an rathad ceangal eadar cearcall-rathaid Dhubhrais is an A82 aig Tòrr Bheathain.

Thòisich obair air a' cheangal-rathaid - a tha na phàirt de phròiseict a chosgas £55m - an-uiridh.

Tha trioblaidean trafaig tric a' bualadh air meadhan Inbhir Nis aig na h-amannan as tràinge den là.

Tha cuid a bha an aghaidh na pròiseict bho thùs ag ràdh gun robh luchd-leasachaidh a' cur taic ris gus am faigheadh iad air taighean ùra a thogail.

Thuirt Tulloch Homes gu bheil iad an dòchas tòiseachadh air na taighean a thogail an ath-bhliadhna ma 's e is gum faigh iad cead-dealbhachaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile