Tasglann a' Ghnìomhachais Niuclasaich

Tasglann Nucleus Image copyright NDA
Image caption Chosg an t-ionad ùr £21M.

Dh'fhosgail tasglann nàiseanta airson a' ghnìomhachais niuclasaich chatharra ann an Gallaibh Dimàirt.

Bidh na clàran ann an ionad Nucleus ann an Inbhir Ùige a' dol air ais gu nuair a chaidh gnìomhachas a' chumhachd niùclasaich chatharra a' stèidheachadh am Breatainn mu 70 bliadhna air ais.

Tha suas ri 30 millean clàr digiteach ri fhaighinn ann agus gheibhear pàipearan, dealbhan agus planaichean co-cheangailte ri ionadan niuclasach Harwell ann an Oxfordshire, Trawsfynydd ann an Snowdonia agus Sellafield ann am Cumbria, a thuilleadh air Ionad Dhùn Rath a tha faisg air làimh.

Bidh cothrom aig luchd-rannsachaidh, innleadairean agus eile sùil a thoirt air na clàran.

Image copyright DSRL
Image caption Bidh tòrr dha na clàran mu Ionad Niuclasach Dhùn Rath a dh'fhosgail sna 1950n.

Bidh tasglann ionadail ri fhaighinn ann cuideachd a tha a' dol air ais chun 16mh linn.

'S e Ùghdarras an Di-choimiseanaidh Niuclasaich, an NDA, a tha an urra ri a bhith a' toirt Ionad Dhùn Rath às a chèile, a thog an t-ionad air seann làraich le Feachd an Adhair.

Tha High Life Highland, buidheann a tha ceangailte ri Comhairle na Gàidhealtachd a' cuideachadh ann a bhith a' ruith na tasglainn.

Thuirt iad gun deach Nucleus a dhealbhachadh ann an dòigh 's gun tèid na clàran a chumail "ann an àrainneachd fhreagarrach airson nan ginealachan ri teachd."

Gheibh fichead duine cosnadh aig an ionad.

Cha bhi a h-uile clàr ri fhaotainn ann, ge-ta, leis gum feum cuid a bhith air an cumail dìomhair.