Mialan-mara a' dèanamh millidh air tuathanasan bradain

Bradan Albannach Image copyright Companaidh Bradain na h-Alba

Tha tuathanasan èisg na h-Alba a' sìor fhaighinn tàire le mialan-mara.

Tha coltas gu bheil an suidheachadh ann an Alba nas miosa na tha ann am pàirtean eile den t-saoghal.

Tha sin a dh'aindeoin na thathas a' cosg air feuchainn ri fuasgladh fhaighinn dhaibh.

Cha bheag an dùbhlan a tha mu choinneamh gnìomhachais àrach-bhradan na h-Alba an co-cheangal ri mialan-mara.

Prìs ag èiridh

Tha dùil gun seall figearan bho Marine Harvest, ris a bheil duil Diciadain, gu bheil na tha iad ag àrach de bhradan a' dol sìos.

Agus tha amharras ann gu bheil na cosgaisean aca a' dol suas, ged a tha prìs a' bhradain ag èiridh aig a' cheart àm.

Ged nach e trioblaid ùr a th'ann, tha grunn diofar ghoireasan gan cleachdadh airson dèiligeadh le na mialan-mara.

Nam measg sin, tha stuthan-ceimigeach, agus innealan ùra, airson an t-uisge a theasachadh.

Image copyright Oilthigh Chill Rìmhinn

Rud nàdarra

Tha feadhain aig àrd-ìre sa ghnìomhachas ag ràdh ge-tà, gur e rud nàdarra a th'annta.

Tha e coltach cuideachd gu bheil na trioblaidean le mialan-mara gu math nas miosa an Alba na ann an àiteachan eile.

Fhuair aithisg gun deach an àireamh de làraich far a bheil na mialain-mara nan trioblaid an Alba suas bho 28% ann an 2014 gu faisg air 50% ann an 2015.

Tha sin fhad' sa dh'fhuirich àireamhan ann an Nirribhidh aig 5% thairis air an aon ùine.

Uidheamachd

Chaill Marine Harvest faisg air 100,000 bradan san Eilean Sgitheanach an uiridh agus uidheamachd a bha a' feuchainn ri dèiligeadh le na mialan-mara le bhith teasachadh an uisge beagan a' dol cearr.

Tha companaidhean ann an Alba a' cosg mu £30m a' dèiligeadh le mialan-mara gach bliadhna.

Agus tha beachd ann gu bheil cosgais £400m san fharsaingeachd air a' ghnìomhachas - ged nach eil fuasgaladh an Alba dad nas fhaisge aig an ìre-sa.