Mì-thoileachas an Slèite le figearan ChalMac

Ruairidh Moireach

Thuirt luchd-iomairt aiseig ann an Slèite gu bheil àireamhan ùra bho ChalMac a' dearbhadh cho millteach 's a bha co-dhùnadh na companaidh am bàt'-aiseig MV Coir' Uisg' a ghluasad a Mhuile.

Bha an Coir' Uisg' air an t-slighe eadar Armadal is Malaig gus an deach a cur a Mhuile ann an 2016.

Tha luchd-iomairt Shlèite a' cumail a-mach nach eil na bàtaichean a chuir CalMac na h-àite idir freagarrach is gun tug an t-atharrachadh fìor dhroch bhuaidh air Slèite is sgìre Mhalaig.

Sheall figearan ùra ChalMac 'son 2016 gun do chleachd còrr is 5,000,000 duine uile gu lèir aiseagan na companaidh ann an 2016.

Àrdachadh

B' e àrdachadh 9% a bha sin air 2015.

Dh'innis na figearan cuideachd, ge-tà, gun do thuit an àireamh de bhusaichean a bha a' dol eadar Armadal is Malaig 15%, is gun robh carabadan coimearsalta air an t-slighe sìos 41%.

"'S e seo dìreach buil a' cho-dhùnaidh a chaidh a dhèanamh bho chionn bliadhna gu leth le Ministear na Còmhdhail ann an Riaghaltas na h-Alba, Còmhdail Alba is CalMac an aiseag an Coir' Uisg' a thoirt air falbh agus aiseagan nach robh freagarrach air dhòigh sam bith a chur na h-àite", thuirt cathraiche Fòram Còmhdail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"'S e seo buil sin. An adhbhar a tha sinn a' dèanamh uiread de dh'iomairt mu dheidhinn seo, 's e gu bheil an aiseag a tha sin cho fìor fheumail dhan sgìre seo agus as a h-aonais thèid an eaconamaidh aig Slèite sìos gu mòr", thuirt e.

Ceist

Thog Mgr Moireach ceist cuideachd mu fhigearan a sheall gun robh an àireamh de luchd-siubhail gu lèir a chleachd slighe Armadail gu Malaig suas còrr is 3,000.

Thuirt e gu bheil na h-àireamhan aig Fòram Còmhdail Shlèite a' sealltainn nach robh ach àrdachadh de 87 duine.

Gheall Mgr Moireach gun lean iomairt.

Coinnichidh Fòram Còmhdail Shlèite ri Buidhinn Sgrùdaidh na h-Alba an ath-mhìos.

Tha Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba a' dèanamh ath-sgrùdadh air seirbheisean aiseig na dùthcha, is iad a' coimhead am measg eile air na diofar bhuidhnean a tha an lùib a' ghnothaich agus a bheil an siostam a th' ann ag obair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile