Dragh mu chraobhan ùra

Craobhan Image copyright Thinkstock

Thog luchd-sreap agus geamairean draghan mu phlanaichean Riaghaltas na h-Alba airson àrdachadh mòr a thoirt air na tha de choilltean ann an Alba.

Tha an Riaghaltas airson 's gum bi 25% de thalamh na h-Alba fo chraobhan ron bhliadhna 2050, suas bho 17% an-dràsta.

Thuirt Dualchas Nàdair na h-Alba gu bheil na th' ann de choiltean ann an Alba ìosal an taca ri dùthchannan Eòrpach eile.

A rèir Chomann Gheamairean na h-Alba agus Sreap Alba, dh'fhaodadh seo fìor dhroch bhuaidh a thoirt air talamh mòintich, air cruth-tìre na h-Alba, agus mar sin air seallaidhean a tha rim faicinn anns an dùthaich.

Sgrìobh na buidhnean gu Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan, airson na draghan aca a chur an cèill.

Co-obrachadh

Thuirt iad gu bheil iad toilichte co-obrachadh air a' cheist seo.

"'S e cuspair mòr a tha seo dhan dà bhuidhinn", thuirt Neil Reid bho Shreap Alba.

"Tha iomadh rud ann air nach eil sinn ag aontachadh - is nach bi sinn ag aontachadh - ach 's e an rud a tha bunaiteach an seo gum feum sinn poileasaidh soilleir is ciallach 'son cruth-tìre na h-Alba", thuirt e.

Dh'innis an dà bhuidhinn nach eil iad an aghaidh a bhith a' cur barrachd chraobhan - ach gum feum iad a bhith ann an àiteachan freagarrach.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tèid na planaichean a thoirt air adhart ann an dòigh sheasmhaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile