Lùghdachadh air gearraidhean ciorramach

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd air lùghachadh a thoirt air na thèid a ghearradh de dh'airgead airson seirbheisean NHS do dh'inbhich chiorramach.

Bha £1.2m ri ghearradh ann am buidseat Slàinte agus Cùraim Shòisealta nan Inbheach.

Bidh a-nis £500,000 ri shàbhaladh.

Thèid iarraidh air buill na Comhairle Diardaoin am buidseat aontachadh airson na h-ath-bhliadhna ionmhais, agus aca ri £20m a chùmhnadh.

Thug cathraiche NHS na Gàidhealtachd, Dàibhidh Alston, rabhadh seachad gum biodh an gearradh ann am buidseat na Slàinte agus Cùraim Shòisealta nan Inbheach a' ciallachadh gearradh ann an da-rìribh de chòrr air £7m, agus tha e toilichte le tionndadh na comhairle.

Aig a' cheart àm thuirt a' Chomhairle gun deadh buidseatan sgoiltean a dhìon airson 2017/18.

Thèid buidseatan 'son taic a bharrachd a chumail aig an aon ìre còmhla ri maoineachadh airson sgoiltean dùthchail, agus thèid a' chosgais airson biadh sgoile a reothadh.